Sgeul-beatha

An t-Ard Oll Ruairidh MacThomaisRugadh Ruaraidh MacThòmais ann an Steòrnabhagh, an Eilean Leòdhais, air a’ 5mh latha den Lùnastal 1921. Thogadh e ann am Pabail Uarach, san Rubha, far an robh athair ag obair mar mhaighstir-sgoile.

B’ ann à Tunga, an Leòdhas, a bha athair Ruaraidh, Seumas MacThòmais (1888-1971). Rinn Seumas MacThòmais obair chudromach a thaobh teagaisg na Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean, agus bha e ’n sàs anns a’ Chomunn Ghàidhealach. Eadar 1958 is 1962, bha e a’ deasachadh An Gàidheal, chuir e ri chèile An Dìleab: Gaelic Verse for Advanced Divisions and Intermediate Classes (An Comunn Gàidhealach, 1932) agus an duanaire Eilean Fraoich (Comunn Gàidhealach Leòdhais, 1938). B’ esan a’ chiad duine a choisinn Crùn a’ Bhàird ‑ aig a’ Mhòd Nàiseanta 1923 ann an Inbhir Nis. Nochd bàrdachd Sheumais MhicThòmais ann an Gairm agus an irisean eile. Chaidh na dàin aige fhoillseachadh ann am Fasgnadh: Gaelic Poems with some English Translations (1953).

B’ ann à Ceòs ri taobh Loch Eireasort, anns na Lochan, a bha Cairistìona Nic a’ Ghobhainn (Tìneag Aonghais Alasdair, 1888–1968), màthair Ruaraidh. Bha i na bana-thidsear, agus bha ùidh mhòr aice ann an ceòl dùthchasach. Phòs Seumas agus Cairistìona air an 18mh latha den Lùnastal 1916, aig àm a’ Chogaidh Mhòir, nuair a bha Seumas anns an Arm. Rugadh a’ chiad mhac aca, Seumas, air an 3mh latha den Ògmhios 1917, is athair fhathast anns an Fhraing.

Bha an dà chuid Beurla agus Gàidhlig air an cleachdadh aig an taigh, agus mar sin, bha Ruaraidh dà-chànanach bho òige. Fhuair e foghlam aig Sgoil Phabail an toiseach, agus às dèidh sin aig Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Ann an 1939, thòisich e ceum ann am Beurla agus Ceiltis aig Oilthigh Obair Dheathain. Aig àm an Dàrna Cogaidh, bha e còmhla ri Feachd Rìoghail an Adhair (1942-1945). Ghabh e ceum le àrd-urram ann an 1947.

An uair sin, chaidh e a dh’Oilthigh Chambridge, far an robh e a’ rannsachadh chuspairean Ceilteach, Lochlannach, agus Angla-Shasannach. Ann an 1952, phòs e Carol Nic a’ Bhreatannaich à Ceann Loch Chille Chiarain, agus bha sianar chloinne aca.

Còmhla ri Fionnlagh I. MacDhòmhnaill, chuir e air chois Gairm, ràitheachan Gàidhlig, ann an 1951, agus nochd a’ chiad àireamh ann an 1952. Mhair an iomairt gu ruige 2002, agus bha an iris anabarrach cudromach a thaobh litreachas agus naidheachdas na Gàidhlig. Ann an 1958, stèidhich iad Gairm Publications. Chaidh iomadh leabhar Gàidhlig cudromach fhoillseachadh le Gairm.

Thòisich Ruaraidh a chùrsa-obrach mar fhear-teagaisg ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1948. Aig an àm seo, bha e a’ cruinneachadh òran agus beul-aithris airson Sgoil Eòlais na h-Alba cuideachd. Ann an 1949, ghluais e a dh’Oilthigh Ghlaschu far an robh e a’ teagaisg na Cuimris. Ann an 1956, fhuair e dreuchd mar Àrd-òraidiche ann an Ceiltis agus bha e a’ stiùireadh Roinn na Ceiltis ann an Obar Dheathain. Ann an 1963, thill e a dh’Oilthigh Ghlaschu mar Ollamh ann an Ceiltis, agus dh’fhan e anns an obair seo gu ruige 1991, nuair a leig e dheth an dreuchd.

Dh’fhoillsich Ruaraidh ochd co-chruinneachaidhean de bàrdachd Ghàidhlig – An Dealbh Briste (1951), Eadar Samhradh is Foghar (1967), An Rathad Cian (1970), Saorsa agus an Iolaire (1977), Creachadh na Clàrsaich (1982), Smeur an Dòchais (1991), Meall Garbh (1995), agus Sùil air Fàire (2007). Ged nach eil e ainmeil mar sgrìobhadair rosg, chaidh còig sgeulachdan goirid leis fhoillseachadh ann an Gairm. Sgrìobh agus dheasaich e iomadh leabhar sgoilearachd, mar eisimpleir An Introduction to Gaelic Poetry (1974) agus The Companion to Gaelic Scotland (1983, deas.). Bho 1961 gu ruige 1976, bha e a’ deasachadh Scottish Gaelic Studies.

Fhuair Ruaraidh iomadh urram, mar eisimpleir Duais Oisein (1974) agus Duais Oliver Brown (1984), agus ceuman urramach bho Oilthigh na Cuimrigh (1987), Oilthigh Obair Dheathain (1994), agus Oilthigh Ghlaschu (2007).

Chaochail Ruaraidh MacThòmais air an 21mh latha den Mhàrt 2012 ann an Glaschu. Bha e 90 bliadhna a dh’aois.