Gairm

10404410_10204731481756988_4022450158453878251_n

Chuir Ruaraidh MacThòmais agus Fionnlagh I. MacDhòmhnaill air chois iris ùr, Gairm, ann an 1951, agus nochd a’ chiad àireamh as t-fhoghar 1952. Mhair an iomairt airson leth-cheud bliadhna, gu ruige 2002 – tha sin a’ ciallachadh 200 àireamhan uile gu lèir agus barrachd air 6,000 altan.

Thagh na fir-deasachaidh coileach mar shuaichneas na h-iris agus ainm iomchaidh: Gairm, oir b’ e gairm àrd a bh’ ann do luchd na Gàidhlig an cànan a chleachdadh anns a h-uile suidheachadh. Bha taigh-foillseachaidh, Gairm Publications, co-cheangailte ris an iris, agus chaidh iomadh leabhar cudromach fhoillseachadh leis.

Bha a’ mhòr-chuid de sgrìobhadairean as cliùitiche anns an dàrna leth den 20mh linn co-cheangailte ri Gairm ann an dòigh air choireigin, is gu tric, chaidh na sgrìobhaidhean aca fhoillseachadh ann an Gairm a’ chiad turas agus nochd na chiad leabhraichean aca ann an Gairm Publications.

Gu h-àraidh anns na 1980s, bha eadar-theangachaidhean bho chànain na Roinn-Eòrpa a’ nochdadh ann gu tric: am measg chàich, chaidh eadar-theangachaidhean le Crìsdean MacIlleBhàin bho bhàrdachd Eòrpach (Anna Akhmatova, Tadeusz Rosewicz, Janis Ritsos) no sgeulachdan goirid le Guy Maupassant air an eadar-theangachadh le Gordon Donald fhoillseachadh ann an Gairm.

Ann an 2017, chuir DASG, tasgadh Gàidhlig air loidhne, air dòigh clàr-amais didseatach, Gairm Index.